Runrig Griogal Cridhe Lyrics

'S iomadh oihche fhliuch is thioram
Side nan seachd sian
Gheibheadh Griogal dhomh-sa creagan
Ris an gabhainn dion

Eudail mhòir a shluaigh an Domhain
Dhòirt iad d'fhuil an dè,
'S chuir iad do cheann air stob daraich,
Tacan beag bho d'chrè

Obhan obhan obhan iri
Obhan iri o
Obhan obhan obhan iri
'S mor mo mhulad 's mor

B' annsa bhi le Griogal cridhe,
Teàrnadh chruidh le gleann,
Na le Baran Mòr na Dalach,
Sioda geal mu m' cheann.

Obhan obhan obhan iri
Obhan iri o
Obhan obhan obhan iri
'S mor mo mhulad 's mor

Nuair bhios mnathan òg a' bhaile
Nochd 'nan cadal sèimh,
'S ann bhios mise air bruaich do lice,
Bualadh mo dhà làimh.

Obhan obhan obhan iri
Obhan iri o
Obhan obhan obhan iri
'S mor mo mhulad 's mor

See also:

53
53.110
Avril laving Nobodys Home Lyrics
Ciudad Pasarela Días inciertos Lyrics