Runrig Ribhinn O Lyrics

Tha bùrn fallain anns an tobar
'S gabhaidh sinn ar h-uile slainte ann
Tha bùrn fallain anns an tobar
'S gabhaidh sinn ar h-uile slainte ann
Tugainn leam a ribhinn òg
Tugainn leam a nighean, tugainn leam

Tugainn gu na beanntan àrd
Abair sealladh dathan earnaich ann
Tugainn gu na beanntan àrd
Abair sealladh dathan earnaich ann
Tugainn leam a ribhinn òg
Tugainn leam a nighean, tugainn leam

Thèid sinn ' null air an aiseig
Tarsinn air a chuan thèid sinn ann
Thèid sinn ' null air an aiseig
Tarsinn air a chuan thèid sinn ann
Tugainn leam a ribhinn òg
Tugainn leam a nighean, tugainn leam

A ribhinn o, a ribhinn o, a ribhinn o, a ho ro
A ribhinn o, a ribhinn o, a ribhinn o, a ho ro
A ribhinn o, a ho hi o, ho ro
A ribhinn o, a ribhinn o, a ribhinn o, a ho ro

See also:

90
90.120
Runrig Chi Mi'n Tir Lyrics
Pericos Rutero Lyrics