Runrig Air an Traigh Lyrics

'S b'fheàrr gun robh mi 'r ais a rithis
Coiseachd cas ruisgte air an traigh
le mo dha laimh 'na mo phòcaid
's ri mo thaobh, Anna mo ghràidh
Bha sinn òg is bha sinn spòrsal
Cluichd le sòlas is le gair
Air a'mhonadh 's air an locha
'S measg an arbhair as a'bhathaich

'S nuair a thig e gu am feasgair
'G iarraidh crodh shuas air a'bheinn
'S dheanamh dhachaidh air 'ur socair
Togail orain 's togail ruinn

Bhiodh sinn sgith nuair nochdadh oidhche
'G ol bainne fuar taobh teine blàth
'S bhiodh sinn granail dol dhan leabaidh
Ach am màrach 'g eirigh tràth

See also:

90
90.121
Runrig Sunndach Lyrics
Runrig An Ros Lyrics